Gwen MacQuarrie

Oideas

Education GD ↓ 26 episodes

Fàilte gu Oideas - sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Sreath 3 air fàire. Anns gach pod-chraolaidh bidh Gwen NicGuaire a bruidhinn ri sàr-eolaichean foghlaim mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr. Welcome to Oideas! Series 3 is coming! Oideas is a podcast about Gaelic medium education. In each programme Gwen MacQuarrie talks to secondary or primary school experts about the role, challenges and best solutions in Gaelic education.

Author

Gwen MacQuarrie

Category

Education

Podcast website

www.smo.uhi.ac.uk

Latest episode

Oct 29, 2025

Where to listen?

Podcasts in the app Replaio Radio Coming soon

Podcasts are coming to the app soon. Install now and be the first to see a whole new take on podcasts

Get it on Google Play Install for free Android 5M+ downloads · 4.8 rating iOS soon

Episodes

Oideas, 4.5 Shona NicCarmaig 29.10.2025

Sa phrògram seo tha Shona NicCarmaig ag innse do Gwen mu a slighe ann foghlam: an togail a fhuair i san Eilean Sgitheanach, mun ùidh aice ann ceòl, agus mu cho cudromach sa tha e dhì gun do rinn i diofar a’ choireigin do bheatha sgoilearan. Tha i cuideachd a’ bruidhinn mun ùine aice aig Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, a bhith ag atharrachadh obraichean, agus a bhith aig stiùir a’ chùrsa teagaisg a...

Oideas, 4.4 Christine NicLeoid 14.10.2025

Sa phrògram seo, tha Gwen a’ còmhradh ri Christine NicLeoid mun obair mhòr a rinn ann am foghlam Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Bha Christine an sàs aig ìre na bun-sgoile agus ann a bhith ag oideachadh phàistean ron a’ sgoil. Chunnaic i fàs mòr ann àireamhan agus iomadh atharrachadh. Ach, mar a tha i ag innse do Gwen, bha sgeulachdan agus dualchas nan Gàidheal aig cridhe a teagasg tron ùine sin. Cha...

Oideas, 4.3 Aonghas Iain Dòmhnallach 01.10.2025

An turas seo tha Gwen a’ còmhradh ri Aonghas Iain Dòmhnallach mu na làithean sgoile aige, an t-àm aige a' teagasg, agus an obair mhòr a rinn e aig Stòrlann. 'S ann a Uibhist a Tuath a tha Aonghas Iain ach chur e seachad a mhòr chuid de bheatha obrach a’ teagasg aig Àrd-sgoil Phort Rìgh. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comh...

Oideas, 4.2 Catriona Nic a’ Phì 17.09.2025

Fàilte gu Oideas Sreath 4, prògram 2. ‘S a phrògram seo tha Catriona Nic a’ Phì, tidsear Gàidhlig agus cruinn-eòlas ann an Inbhir Nis. B i Catriona tè dhe na thidsearan àrd-sgoil aig Gwen. Ann an còmhradh blàth, tha iad a’ coimhead air ais ar na laithean sin, a’ còmhradh mun t-slighe aig Catriona le Gàidhlig agus teagasg, agus a’ bruidhinn mu na dòighean as fheàrr cuspair a chumail ri clas nuair n...

Oideas, 4.1 Donalda McComb 03.09.2025

Failte air ais gu Oideas. Seo a’ chiad phrògram le Donalda McComb, seann cheannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha i fhèin agus Gwen a’ còmhradh mu a slighe ann am foghlam, an t-àm aice mar cheannard agus na dùbhlain a tha nochdadh nuair nach eil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de phàrantan. Abair diofar a tha i air a dhèanamh agus abair còmhradh inntinneach. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh l...

Oideas, Sreath 4 – Blasad! 28.08.2025

Fàilte air ais gu Oideas. Tha sreath 4 cha mhòr oirnn. An turas seo, tha sinn air a bhith bruidhinn ri seòid - daoine a tha air a bhith sàs le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bhon fhìor thoiseach. Bidh a’ chiad phrògram a-mach Diciadain 3 Sultain le Donalda McComb. Agus an turas seo, tha na programan air fad ri fhaotainn air YouTube. Sgrùd airson Oideas agus lean sinn an sin.

Oideas 3.6 Wilma NicUalraig 05.06.2024

An aon tidsear a bhith agad fad seachd bliadhna sgoile. Ciamar a tha sin dha na sgoilearan, agus ciamar a tha e dhan tidsear? Sin an dearbh shuidheachadh a tha aig Wilma NicUalraig is i leatha fhèin a' teagasg Gàidhlig ann am bun-sgoil ann am Farfar. Tha i a’ còmhradh le Gwen mu dheidhinn sin, a slighe fhèin gu teagasg, mu bhith cleachdadh seann òrain sa chlas, mu bhith cruthachadh stòras de ghoir...

Oideas 3.5 Lesley Hayes 22.05.2024

Thòisich Lesley Hayes a slighe le Gàidhlig nuair a bha i fhèin na pàrant. Ghluais i an teaghlach air fad dhan Eilean Sgitheanach gus fileantas a’ righinn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha i niste na Prìomh Thidsear ann an sgoil ann am Baile Dhubhtaich a’ teagasg sa chànan. Tha i fhèin is Gwen a bruidhinn mun slighe sin. Mu mar a chaidh Lesley an aghaidh moladh na Comhairle ‘son a’ bhliadhna probhaidh aic...

Oideas 3.4 Lisa NicDhòmhnaill 08.05.2024

Bho bhith teagasg sa bhun-sgoil ann an Ulapul, gu bhith sgrìobhadh bàrdachd, gu bhith dèanamh PhD air luchd-obrach nan tràth ìrean - tha an t-uamhas aig Lisa NicDhòmhnaill ri bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram sa. Tha i fhèin is Gwen NicGuaire cuideachd a còmhradh mu a slighe ann an teagasg, an obair a tha i dèanamh stiùireadh chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, agus an dleastanas a tha air tidsea...

Oideas 3.3 Lauren Mhoireasdan 24.04.2024

A bheil cothroman gu leòr ann do shlighe a dhèanamh gu bhith nad cheannard san àrd-sgoil, agus a bheil e nas duilghe nuair a tha thu ag obair ann Gàidhlig ann an sgìrean dùthchail? Tha sin am measg na tha Lauren Mhoireasdan, ceannard ùr Àrd-sgoil Cheann Loch Lìobhann, a' bruidhinn ri Gwen mu dheidhinn. Tha iad cuideachd a' cabadaich mu mar a dh' ionnsaich Lauren a' Ghàidhlig, agus mu cho sònraicht...

Oideas 3.2 Anne Mhàrtainn 09.04.2024

Chuir Anne Mhàrtainn seachad iomadh bliadhna cuideachadh clann le feumalachdan a bharrachd, agus tha an còmhradh seo leatha làn eòlais, gliocas agus lèirsinn. Dè an diofar a th' ann eadar foghlam Gàidhlig is Beurla? Ciamar a nì thu deuchainn dyslexia nuair a tha pàiste fhathast a togail bunaitean na Gàidhlig? Tha i stiùireadh Gwen tron phròiseas, a thuilleadh air a bhith còmhradh mun obair aic...

Oideas 3.1 – Luchd-teagaisg Foghlam Thidsearan 28.03.2024

Fàilte air ais gu Oideas airson sreath 3. Sa phrògram seo, tha mi fhèin, Gwen NicGuaire timcheall bùird le mo cho-obraichean ann am Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh mise agus Shona NicCarmaig, Katie Wight agus Lynsey NicFhionnlaigh a’ freagairt na ceistean agaibhse - dè an t-amas a tha aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig? Carson a tha sinn teagasg nan tidsearan? No, dè thug tlachd d...

Oideas – Sreath 3, Blasad! 26.03.2024

Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse. Sin Oideas Sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod. Nota - tha sinn trang ag obair air prògram bhideo son Diardaoin an 28mh Mhàirt...

Oideas, Sreath 3 – Blasad! 25.03.2024

Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse. Sin Oideas sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod.

Prògram 10: Yvonne Girvan 27.10.2022

Ciamar a tha e a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig gu sònraichte son dreuchd teagaisg sa chànan? Sin a rinn Yvonne Girvan. Sa phrògram seo, tha i fhèin is Gwen a' bruidhinn mun leasachadh proifeiseanta a tha i air a dhèanamh gus, am measg eile, fileantas a ruighinn. Tha iad cuideachd a' bruidhinn mu na h-iomairtean a rinn i gus cothroman cànain a' tabhainn dha na sgoilearan tron ghlasadh, mar a tha i...

Prògram 9: Eòghan Stiùbhairt 13.10.2022

Ciamar a tha thu ath-bheothachadh coimhearsnachd a tha air misneachd a chall? Ciamar a tha iomairtean anns agus às a chlas a chur ri àrainneachd agus cliù a Ghàidhlig san sgoil? Cluinnidh sibh mu dheidhinn seo agus tòrr a bharrachd sa phrògram seo sa chòmhradh eadar Gwen agus Eòghan Stiùbhairt. How do you reinvigorate communities of Gaelic speakers who have lost confidence? How do enterprises in a...

Prògram 8: Marina NicLeòid 29.09.2022

Ciamar a tha thu a ruith bun-sgoil shoirbheachail ann sgìre far nach eil mòran Gàidhlig? Dè na dùbhlain a th'ann? A bheil dòighean an cànan a neartachadh is na sgoilearan a bhrosnachadh? Sin am measg na cuspairean a tha sa phrògram seo is Gwen a' còmhradh le Marina NicLeòid, iar-cheannard Bhun-sgoil Chon-Dobharait ann Siorrachd Lannraig a Tuath. How can you ensure success in a Gaelic unit in an En...

Prògram 7: Aonghas MacIllinnein 15.09.2022

Ciamar as urrainn dhuinn foghlam Gàidhlig a leudachadh le gainnead thidsearan na chnap-starra? Tha e-Sgoil air tòrr a dhèanamh gus am beàrn sin a lìonadh, ach an gabh cuspairean leithid saidheans is ealain a theagasg thar an eadar-lìon? Gabhaidh, a rèir ceannard na sgoile, Aonghas MacIllinnein. Ann an còmhradh farsaing mu fheallsanachd fhoghlaim agus Gàidhlig, tha Aonghas togail air na bunaitean a...

Prògram 6: Lynsey NicFhionnlaigh 01.09.2022

Anns a chiad prògram de Sreath 2 tha Gwen a' bruidhinn le Lynsey NicFhionnlaigh, a tha na neach-teagaisg ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach. Nochdaidh tòrr chuspairean sa chòmhradh aca, nam measg a’ fàs ann am misneachd, dùbhlain obrach agus na cothroman ionnsachaidh a tha nochdadh bhuapa. In the first programme of Series 2, Gwen MacQuarrie speaks with Lynsey Finlayson wh...

Oideas – Sreath 2 25.08.2022

Seo agaibh blasad de Sreath 2 de dh’ Oideas, agallamhan mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Anns gach pod-chraoladh, bidh Gwen NicGuaire a’ bruidhinn ri sàr-eòlaichean mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.

Prògram 5: Flòraidh Guidi 24.11.2021

Bho a bhith a' cur Gàidhlig air leabhraichean sgoile an oidhche ro làimh sna h-ochdadan, gu bhith na ciad cheannard aig sgoil Ghàidhlig ùr fa leth sna h-Eileanan, tha an t-uamhas eòlas aig Flòraidh Guidi. An t-seachdain seo, tha i an cuideachd Gwen, 'son am prògram mu dheireadh san t-sreath. Tha iad a’ bruidhinn air mar a bha e coltach sna ciad làithean sin - gun ghoireasan no eòlas air an dòigh a...

Prògram 4: Dougie Beck 11.11.2021

Teicneòlas agus teagasg: ciamar as urrainn dhuinn a' chur gu feum son maith sgoilearan, pàrantan agus tidsearan? Dè na goireasan a ghabhas a chleachdadh son sgoilearan oideachadh ann dòigh nas fheàrr, an ullachadh son linn ùr didseatach, agus son ùine a' shàbhaladh sa chlas? An t-seachdain seo tha Gwen a’ bruidhinn ri Dougie Beck, Prìomh Thidsear le uallach son stuthan didseatach ann am Bun-sgoil...

Prògram 3: Dòmhnall Iain Mac a’ Ghobhainn 27.10.2021

Bheil còir aig tidsearan a bhith a’ ruith chlubaichean san sgoil san ùine aca fhèin? Bheil iad feumail dha na sgoilearan? Agus ann am foghlam Gàidhlig, a bheil iad deatamach ann a bhith a’ cruthachadh cothroman còmhraidh? Sin am measg nan cuspairean a tha aig Gwen agus Dòmhnall Iain Mac a’ Ghobhainn sa phrògram seo. 'S e tidsear matamataig a th' ann an Dòmhnall Iain is e na cheannard-roinne ann Sg...

Prògram 2: Seonaidh Charity 13.10.2021

Ciamar as urrainn cànan sòisealta a bhrosnachadh am measg sgoilearan? Carson a tha e cudromach? As aonais, a bheil clann a' tionndadh chun a' Bheurla? Tha Seonaidh Charity air tòrr rannsachadh, leughadh agus beachdachadh a dhèanamh air a’ cheist, agus sa phrògram seo tha e ag innse do Gwen dè dh'obraich dha san teagasg aige fhèin. Tha e cuideachd a' toirt iomradh air a bhith a' dèanamh maighstirea...

Prògram 1: Katie Wight 29.09.2021

Dè tha tachairt nuair a tha àireamh sgoilearan dol am meud tòrr na bu luaithe na bha dùil? Ciamar as urrainn dhuinn dèiligeadh ri fàs mar sin? Dè bhuaidh a tha seo a toirt air sgoilearan, pàrantan agus luchd-obrach? Anns a chiad phrògram, tha Katie Wight a bruidhinn ri Gwen mu na dùbhlain a nochd stèidheachadh sgoil ùr aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann.  Tha Katie cuideachd a’ bruid...

Listen to the Oideas podcast in Replaio

Radio and podcasts in one app - free, with no sign-up. Install today and do not miss the launch

Get it on Google Play

Replaio is not a podcast publisher; show names, artwork and audio belong to their authors and are distributed through public RSS feeds.