BBC Radio nan Gàidheal
Fad Botal Fìon
Thigibh an cuideachd Lana Pheutain, Hannah McKirdy is Rachel NicAoidh ‘s iad a’ cnuasachadh air iomadh cuspair fhad ‘s a tha iad a’ dèanamh an slìghe troimh bhotal fìon.
Author
BBC Radio nan Gàidheal
Category
Podcast website
Latest episode
May 21, 2026
Where to listen?
Podcasts in the app Replaio Radio Coming soonPodcasts are coming to the app soon. Install now and be the first to see a whole new take on podcasts
Episodes
Eapasod 26 - An e caraid math a th' annam 21.05.2026 45:00
Tha Hannah, Lana agus Rachel a' beachdachadh air an e caraidean math a th' annta. A' bruidhinn air dè a th' ann an caraid math agus dè a tha sinn a' sùileachadh bho na caraidean againn? A bheil diofar seòrsaichean de charaidean againn?
Eapasod 25 - Gealladh-pòsaidh 14.05.2026 45:00
Tha Lana air gealladh-pòsaidh fhaighinn is i dìreach air tilleadh bhon Ròimh agus tha i airson an sgeulachd aice innse dha Hannah agus Rachel.
Eapasod 24 | Chan eil càil sam bith math a' tachairt às dèidh uair sa mhadainn 07.05.2026 45:00
Tha Hannah, Lana agus Rachel a' bruidhinn air a bhith a' dol a-mach agus mar a tha e air atharrachadh dhaibh anns na bliadhnaichean a dh' fhalbh. Bidh iad a' beachdachadh air dè a bhios iad a' sùileachadh a-nis nuair a tha iad a' dol a-mach nach biodh guth aca air nuair a bha iad anns na ficheadan aca.
Eapasod 23 | Lady Guga ann an Carabhan 30.04.2026 45:00
Tha Hannah, Lana agus Rachel a' toirt sùil air am beatha obrach aca agus a' togail air cultar san àit'-obrach agus rudan annasach agus èibhinn a tha'd air a dhèanamh thairis nam bliadhnaichean a thaobh obair anns na meadhanan.
Eapasod 22 | Chan eil mi a' faighneachd airson cus 23.04.2026 45:00
Tha Hannah, Lana agus Rachel a' beachdachadh air rudan nach fhuiling iad a bhios daoine eile a' dèanamh no "icks". Bho dhaoine a' dèanamh fuaim nuair a tha iad ag ithe no a' coiseachd ann a flip flops gu bhith a' cuir do chuid aodaich son oidhche air falbh bhon taigh ann am poca plastaig, tha Rachel agus Lana ag innse mu na icks a tha na caraidean aca air a chuir thuca agus iad uile a' beachdachad...
Eapasod 21 | Drathair làn coinnealan agus toirdsichean 16.04.2026 45:00
Tha beachdan eadar-dhealaichte aig Hannah, Lana agus Rachel air AI agus tha'd a' còmhradh air na buannachdan agus laigsean a th' ann ceangailte ris. Tha iad cuideachd a' beachdachadh air dè cho ullaichte 's a tha iad nan tachradh rudan mar an dealan a' dol dheth agus AI a' gabhail thairis an t-saoghail ann an dòigh aotrom.
Eapasod 20 | Ficheadan Vs Tritheadan 09.04.2026 43:24
Tha Hannah, Lana agus Rachel a' dèanamh coimeas eadar beatha anns na ficheadan agus anns na tritheadan againn. Hannah, Lana and Rachel discuss the differences between your twenties and thirties.
Eapasod 19 | Carson nach do dh' innis duine dhomh?! 02.04.2026 45:00
Chan e rud furasta a th' ann a bhith nad inbheach uaireanan. Chan eil daoine ag innse dhut ciamar a bu chòir dhut tòrr rudan a làimhseachadh agus tha Hannah, Lana agus Rachel a' bruidhinn mu rudan a bu chòir rabhadh fhaighinn mu dheidhinn ro làimh airson cùisean a dhèanamh beagan nas fhasa. Rudan mar a' sàbhaladh airgead, a' ceannach taighean, a' pòsadh agus clann.
Eapasod 18 | Bha mi mar muc mòr fhiadhaich 26.03.2026 45:00
A-rèir choltais bidh barrachd bhoireannaich a' cleachdadh 'rage rooms' na tha fireannaich. A bheil seo a' ciallachadh gu bheil boireannaich nas feargach na tha fireannaich agus dè as coireach? Tha Hannah, Lana agus Rachel gu bhith a' cnuasachadh air a seo agus ag aideachadh na rudan as miosa a rinn iad nuair a bha iad a' faireachdainn fiadhaich. Cò aca as feargaich? Feuch gun èist sibh gus am faig...
Eapasod 17 | Tha sinn air ais! 19.03.2026 44:28
Tha faisg air dà bhliadhna air a bhith ann bhon a chuala sinn bho Hannah, Lana agus Rachel mu dheireadh agus tha tòrr air atharrachadh san ùine a tha sin. Tha iad a' cabadaich mu dheidhinn dè na rudan mòra a th' air atharrachadh nam beatha bho bhith nam pàrantan, a' gluasad gu taighean ùra, bràmar ùr agus a' roinn coin leis an ex agad. They're back! It's been almost two years since we last heard f...
Eapasod 16 | Come Dine With Me 03.06.2024 1:09:15
Còmhradh còmhla ri Rachel, Lana agus Hannah mu dheidhinn pàrtaidhean dìnnear!
Eapasod 15 | Saor-làithean 06.05.2024 1:01:21
Thigibh còmhla ri Hannah, Lana agus Rachel is iad a’ còmhradh mu shaor-làithean.
Eapasod 14 | Ageing Gracefully 01.04.2024 1:03:15
Thigibh còmhla ri Hannah, Lana agus Rachel is iad a’ còmhradh mi bhith a' fàs aosta.
Eapasod 13 | Beachdan Connspaideach 04.03.2024 59:04
Thigibh còmhla ri Hannah, Lana agus Rachel is iad a’ còmhradh mu bheachdan connspaideach.
Eapasod 12 | An t-Eagal 05.02.2024 58:31
Tha Hannah, Lana agus Rachel a’ còmhradh mun eagal.
Eapasod 11 | A' Bhliadhn' Ùr 01.01.2024 46:35
Thigibh còmhla ri Hannah, Lana agus Rachel is iad a’ cur fàilte air a’ Bhliadhn' Ùr.
Eapasod 10 | Partaidh na Nollaige 11.12.2023 1:10:00
Thigibh a chuideachd Hannah, Lana agus Rachel is iad air ais leis an eapasod mu dheireadh den bhliadhna agus partaidh aca. Tha iad a' bruidhinn air cò ris a bhios latha na Nollaige coltach dhaibh, tha Secret Santa aca agus cha bhiodh partaidh ceart ann às aonais aoighean. Mar sin saoil cò bhios a' gnogadh air an doras? Bidh am partaidh a' dol fhads a tha fìon mullach air fhàgail san t-siuga!
Eapasod 9 | Cosgaisean bith-beò 06.11.2023 50:47
Tha Hannah, Lana agus Rachel a’ còmhradh mu chosgaisean bith-beò.
Eapasod 8 | Casg-gin 02.10.2023 53:32
Tha Hannah, Lana agus Rachel a’ còmhradh mu dheidhinn casg-gin.
Eapasod 7 | Oilthighean 04.09.2023 46:17
Rachel, Lana, Hannah agus Alice Nic a' Mhaoilein a’ còmhradh mu dheidhinn oilthighean.
Eapasod 6 | Bainnsean 07.08.2023 45:46
Rachel, Lana agus Hannah a’ còmhradh mu dheidhinn bainnsean le Krisell Dhòmhnallach.
Eapasod 5 | Na Meadhanan Sòisealta 17.07.2023 49:13
Rachel, Lana agus Hannah a’ còmhradh mu dheidhinn na meadhanan sòisealta.
Eapasod 4 | Ìomhaigh-chuirp 05.06.2023 48:07
Rachel, Lana agus Hannah a’ còmhradh mu dheidhinn ìomhaigh-chuirp.
Eapasod 3 | Sgaraidhean 08.05.2023 44:16
Le glainne fìon nan làimh, tha Lana, Rachel agus Hannah a’ còmhradh mar a dhèiligeas tu ri sgaraidhean. Cluinnear sgeulachdan èibhinn agus brònach mu na ‘breakups’ aca fhèin.
Eapasod 2 | An t-àite-obrach 10.04.2023 38:40
Thigibh an cuideachd Hannah, Lana is Rachel is iad air ais leis an dàrna eapasod de Fad Botal Fìon. An turas-sa, tha iad a’ cabadaich mun àite-obrach – dè th’ ann 'quiet quitting' agus carson a tha e cudromach a bhith san oifis. Agus mar as àbhaist, tha an còmhradh a’ leantainn fhad ’s a tha fìon air fhàgail sa bhotal!
Similar podcasts
Replaio is not a podcast publisher; show names, artwork and audio belong to their authors and are distributed through public RSS feeds.