Scottish Storytelling Forum
Sgeul is Seanchas
Fàilte do ar pod-craoladh, Sgeul is Seanchas, far an cluinnear measgachadh de sgeulachdan traidiseanta, eachdraidheil is èibhinn anns a' Ghàidhlig bho chuid de na seanchaidhean is bàrd as fheàrr ann an Alba agus thall thairis. Bu toil le Fòram Sgeulachdan na h-Alba taing a thoirt do Chomhairle nan Leabhraichean agus Bòrd na Gàidhlig airson an taic agus maoineachadh airson a' chiad sreath agus gu Maoin nan Ealan Gàidhlig airson am maoineachadh airson an dàrna sreath den phod-craoladh. Riochdaire agus Deasaiche (Sreath 1): Mark GalliePreasantair: Ruairidh GreumachDeasaiche: Fiona NicDhùghaillPrò...
Autor
Scottish Storytelling Forum
Kategorie
Podcast-Website
Neueste Folge
8. Aug 2025
Wo hören?
Podcasts in der App Replaio Radio Bald verfügbarPodcasts kommen bald in die App. Installiere sie jetzt und erlebe als Erster einen ganz neuen Blick auf Podcasts
Folgen
Sgeul is Seanchas - Essie Stiubhart 08.08.2025 44:43
Seo agaibh a-nis eapasod sònraichte còmhla ri Essie Stiùbhart. Bidh Fiona is Essie a' còmhradh mu dheidhinn sgeulachdan sa Ghàidhlig agus an obair a tha Essie air a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean ag innse na sgeulachdan a bh' aig an teaghlach aice. Bidh Essie cuideachd a' bruidhinn mu dheidhinn a seanair, Ailidh Dall Stiùbhart, is daoine eile san teaghlach aice. This time we have a spe...
Sgeulachdan Chlann ic Ailein - Angela NicEachainn 08.08.2025 49:14
Seo Angela NicEachainn le ceithir sgeulachdan goirid mu dheidhinn Chlann 'ic Ailein. Cluinnidh sibh sgeulachdan Dòmhnall Dubh na Cuthaige agus an Sagart, Bàs Dhòmhnaill Dhuibh an Canaigh, mar a chaidh Caisteal Ormacleit a thogail agus sgeulachd Nighean Mhic a' Phì Cholbhasa agus Mac 'Ic Ailein. This episode we have four short stories relating to the Clanranald family told by Angela MacEachen. An...
An Cu Glas Mheobhail - Iain Seathach 06.08.2025 30:56
Seo Iain Seathach le dà sgeulachd a chuala e aig na Gàidheil ann an Ceap Breatainn. Cluinnidh sibh sgeulachd An Cù Glas Mheòbhail mu dheidhinn cù gu math dìleas a bh' ann am Mòrar agus cuideachd ròlaist èibhinn mun t-Sagart Bàn agus an Sgadan. Bidh Iain cuideachd a' bruidhinn mun obair a rinn e a' cruinneachadh is a' clàradh sgeulachdan is eile ann an Ceap Breatainn is ann an Alba. This episode...
Sgeulachdan Uibhist a Tuath - Linda NicLeoid 04.08.2025 48:41
Seo agaibh Linda NicLeòid le sgeulachdan os-nàdarrach à Uibhist a Tuath. Cluinnidh sibh sgeulachd mu bhoireannach a chaidh a-steach do shìthean is cuideachd sgeulachd Bian an Ròin. Bidh Linda cuideachd a' bruidhinn mun obair rannsachaidh a rinn i air na sgeulachdan os-nàdarrach ann am Baile Sear, Uibhist a Tuath. This episode we have supernatural stories from North Uist told by Linda MacLeod. L...
An Tuil - Adhamh O Broin 01.08.2025 39:48
Seo sgeulachd bho Àdhamh Ó Broin air mar a chaidh seana bhoireannach, Grannie Livingstone, a shabhladh bho thuil uabhasach ann an Gleann Chinn Ghlais, Comhghall, air sàillibh 's na comasan a bh' aig a nabaidh aig an robh an dà-shealladh. Cluinnidh sibh beagan mun obair a tha Àdhamh a' dèanamh ann an Earra-Ghàidheal tron obair aige le CHARTS cuideachd. In this episode, Àdhamh Ó Broin shares a true...
Bas Dhiarmaid - Dughall Mac a' Phi 30.07.2025 45:38
Seo Dùghall Mac a' Phì à Barraigh agus Ceap Breatainn le sgeulachdan is bàrdachd nan gaisgeach. Cluinnidh sibh sgeulachd à Gleann Sìth air mar a fhuair Diarmaid am bàs às dèidh dha a bhith a' sabaid torc nimhe, agus Laoidh Dhiarmaid. Tha Dùghall cuideachd ag aithris Duan na Ceàrdaich air mar a chaidh Fionn agus na Fèinne gu ceàrdach shìtheadh airson an claidheamh a theamparadh, agus bidh Dùghall...
An t-Amadan Mòr le Sgioba na Fèinne 07.12.2024 35:35
Fàilte gu am pod-craoladh speisealta seo mu dheidhinn pròiseact trì-chànanach air òrain is sgeulachdan na Fèinne. Tha TRACS air a bhith ag obair air a' phròiseact seo fad dà bhliadhna còmhla ri buidhneann de sàr luchd-ciùil is aithris à Alba is Èirinn: Mhàiri Hall, Màiri Nic ille Mhaoil, Gráinne Holland, Éamon Doorley is Màrtainn Mac an t-Saoir. Cluinnear agallamh leis a' bhuidhneann tro mheadhan...
Deireadh Sliochd Na Leòidich - Magaidh Nic a' Ghobhainn 25.03.2022 19:20
Fàilte chun an dàrna sreath den phod-craoladh còmhla ri Fiona NicDhùghaill bho TRACS. Seo agaibh sgeulachd à Eilean Leòdhais air a h-innse le Magaidh Nic a' Ghobhainn. 'S ann aig Na Leòdaich, Clann 'ic Leòid, a bha smachd air Eilean Leòdhais airson iomadh linn. Ach thug an Crùn seilbh air fearrann Leódhais ga na Sìophartaich -Clann 'ic Choinnich, ann an 1611. Thug Iarla Shìophairt òrdugh gu feum...
An Gaisgeach Bhuzancy - Ruairidh Greumach 18.09.2020 23:02
Seo dhuibh sgeulachd pearsanta air a h-innse le Ruairidh Greumach às an Eilean Sgitheanach. 's ann mu dheidhinn aon de na sinnsearan aig Ruairidh a th' ann, Aonghas MacMhaolain à Leòdhas, a bha na shaighdear anns a' Chiad Chogadh Mòr. Choisinn Aonghas tòrr chliù airson a ghaisgeachd tron a' chogadh is choisinn e an tiotal An Gaisgeach Bhuzancy bhon an t-Arm Frangach. This month we have a persona...
Dàna-Thursan ri Aibideil nan Craobhan - Ariel Killick 29.06.2020 26:53
Dàna-Thursan ri Aibideil nan Craobhan – Adventures with the Gaelic Tree Alphabet Tha an Gille Dubh/Glèidheadair na Coille cho dubhach is e ag ionndrainn nan craobhan is a chuideachd a chaidh am fuadachadh, gu bheil e air a dhachaigh anns a' choille a thrèigsinn gus suidhe na aonar air barr beinne, a' fàgail nan àilleagan uile aige aig Sìne, airson a sgeulachd innse is eòlas air bhuannachdan ar cra...
An Leon XIII - Marcas Mac an Tuairneir 14.05.2020 21:33
Seo dhuibh sgeulachd eachdraidheil à Èirinn air a h-innse le Marcas Mac an Tuairneir. Bha long Frangach, an Leon XIII, a' seòladh eadar Portland is Corcaigh is chaidh a bhriseadh air na creagan faisg air Caoilte nuair a thàinig stoirm uabhasach. Cluinnear mun oidhirp ghaisgeil a rinn muinntir Chaoilte gus na seòlaidearan Frangach a shabhladh. This month we have a historical story from Ireland tol...
Sgeulachdan Thormoid - Ruairidh Gray 19.03.2020 21:03
Seo dhuibh dà sgeulachd èibhinn a chruthaich Tormod Mac'illeEathain, nach maireann, air an innse le Ruairidh Gray à Uibhist a Deas. 's e 'A' Bhean-Uasal NicÌomhair à Cnoc an t-Soluis air a' Bhac' tiotal a' chiad sgeulachd, sgeulachd mu dheidhinn ban-Leòdhasach a tha a' siubhal gu Tibet gus coinneachadh ri cuideigin sònraichte. Agus 's e 'Cladh Hàllain' tiotal an dàrna sgeulachd, sgeulachd gaoil ea...
Sgeulachd Shrath Ghlais - Ceit Langhorne 03.03.2020 25:53
Tha an sgeulachd a leanas ag innse mar a stad crodh Shrath Ghlais a bhith leigeil am bainne airson am bleoghainn. Bhathar a' creidsinn gur e bana-bhuidsich a' fuireach gu h-ionadail a chur stad air a' bhleoghann. Bha diofar dhaoine ag obair gus stad a chur air na bana-bhuisich, a bha a' nochdadh ann an riochd maighich airson trioblaid adhbharachadh. Bha am fuasgladh a' tighinn thuca ann an dòigh...
Gille Padara Dubh agus Mac 'ic Ailein - Màrtainn Mac an t-Saoir 06.01.2020 23:51
Bha fear Gille Padara Dubh a bha a' fuireach ann an Uibhist a Deas. Bha e fìor mhath leis a' bhogha-saighde is thug an t-uachdaran Mac 'ic Ailein dùbhlan dha airson feuchainn dè cho math 's a bha e dha-rìribh leis a' bhogha-saighde. Chuir e ubh air ceann a mhic feuch am bualadh e i bho astar 100 slat air falbh. There was a well known character called Gille Padara Dubh who lived in South Uist. He...
An t-Iasg Òir - Ruairidh Mac'illeathain 18.11.2019 25:23
Fàilte do Sgeul is Seanchas , pod-craoladh ùr bho Fòram Sgeulachdan na h-Alba (TRACS) far an cluinnear measgachadh de sgeulachdan traidiseanta, eachdraidheil is èibhinn anns a' Ghàidhlig bho chuid de na sgeulaichean as fheàrr ann an Alba agus thall thairis. Am mìos seo, cluinnidh sinn bho Ruairidh Mac'illeathain à Inbhir Nis leis an sgeulachd, An t-Iasg Òir. Bha Màrtainn agus a bhean gu mat...
Ähnliche Podcasts
Replaio ist kein Herausgeber von Podcasts; die Namen der Sendungen, Cover und Audioinhalte gehören ihren Autoren und werden über öffentliche RSS-Feeds verbreitet