BBC Radio nan Gàidheal

Taghta

Sreath de phodcastan bho sgioba nan naidheachdan a’ toirt sgrìob tro na cuspairean as cudromaiche ‘sna naidheachdan an diugh. A series of podcasts from BBC Naidheachdan, looking at the most important topics in the news today.

Author

BBC Radio nan Gàidheal

Category

Government

Podcast website

www.bbc.co.uk

Latest episode

Apr 30, 2026

Where to listen?

Podcasts in the app Replaio Radio Coming soon

Podcasts are coming to the app soon. Install now and be the first to see a whole new take on podcasts

Get it on Google Play Install for free Android 5M+ downloads · 4.8 rating iOS soon

Episodes

Taghta: Àranais 04.08.2022

Tha Aonghas Dòmnullach a' beachdachadh air eachdraidh gàrradh-ola Àranais agus a' bhuaidh a bh' aige air Leòdhas.

Ceòlas aig Cnoc Soilleir 13.07.2022

Shona NicDhòmhnaill a' còmhradh ri Shona Masson bho Cheòlas mu dhachaigh ùr na buidhne ann an Cnoc Soilleir

Fasan agus an Àrainneachd 02.07.2022

Tha Anndra MacFhionghain a' beachdachadh air a' bhuaidh a tha gnìomhachas an fhasain a' toirt air an àrainneachd.

Gàidhlig san dachaigh 17.06.2022

Agallamhan le triùir eòlaichean mu na tha a dhìth gus Gàidhlig a neartachadh aig ìre na dachaigh

Cogadh nan Eileanan Faclanach 16.06.2022

Beachdan air Cogadh nan Eileanan Faclanach is 40 bliadhna bho thàinig e gu ceann.

Clach-mhìle shònraichte am Barraigh 14.06.2022

Fhad 's a bha Iùbailidh na Banrìgh a' dol, bha iad a' comharrachadh clach-mhìle shònraichte eile am Barraigh is Peigi Haggarty à Borgh 100 bliadhna a dh'aois.

Aonghas Lambkin 24.05.2022

Agallamh le Aonghas Lambkin mun obair aige mar neach-cobhair leis na Dùthchannan Aonaichte an Afganastan, far an robh e ann an conaltradh gu cunbhalach leis na Taliban.

An Taghadh Ionadail: A' Ghàidhealtachd 28.04.2022

An tè-naidheachd Eileen NicDhòmhnaill air turas rathaid tro chuid de sgìrean na Gàidhealtachd air thoiseach air an taghadh ionadail sa Chèitean.

Taghta: Mòr Bhrù 12.04.2022

Eilidh NicLeòid a‘ cuimhneachadh air Mòr NicLeòid, Mòr Bhrù.

Kitty NicLeòid 28.03.2022

Angela NicIlleathain a' dèanamh luaidh air Kitty NicLeòid à Nis - tè de shàr sheinneadairean Gàidhlig an 20mh linn.

Sasainn Nuadh 24.03.2022

Agallamh leis an Dtr Stiùbhart Dunmore bho Oilthigh Sussex mu phròiseact rannsachaidh ùr aig Harvard air cleachdadh na Gàidhlig ann an Sasainn Nuadh.

Ann Urchadan 14.03.2022

Angela NicIlleathain a' dèanamh luaidh air Ann Urchadan - an aona bhoireannach a-riamh a bha na Pròbhaist air baile Steòrnabhaigh.

An Cogadh Fuar 15.02.2022

Calum MacLeòid le sùil air ais air deireadh a' Chogaidh Fhuair an 1992 is ceistean às ùr mun chàirdeas eadar sear is siar.

Colonachd 24.01.2022

Taghta a’ cluinntinn bhon Dtr Mairead Connell-Szasz agus Scott Moireasdan, a bha an sàs ann an deasbad air-loidhne mu cholonachd, na Gàidheil, is Tùsanaich Aimeireagaidh a Tuath.

Taghta: Bochdainn 14.12.2021

Tha sgioba Taghta a' beachdachadh air bochdainn agus mar a tha sin a' bualadh air teaghlaichean ann an Alba.

Taghta: Duanag do Mhàbu 18.11.2021

Dòmhnall Pollock ag aithris air leasachaidhean a thaobh na Gàidhlig ann am Màbu ann an Eilean Cheap Breatainn

Taghta: COP26 09.11.2021

Darren Linc a'còmhradh ri Niall O'Gallagher, Mìcheal MacNèil & Calum MacAmhlaigh mu COP26

Mòdcast 2021 09.10.2021

Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 a' tòiseachadh an Inbhir Nis

Taghta 13: Peadar MacUilleim 28.09.2021

Sgeulachd iongantach Pheadair MhicUilleim à Inbhir Nis, “an Gàidheal as cliùtiche ann am ball-coise a-riamh”. Tha Dòmhnall Pollock a' bruidhinn ri ogha Pheadair, Ceit Pheutan.

Taghta 12: Turasachd 21.09.2021

Le seusan turasachd an t-samhraidh a’ tighinn gu crìch, tha sgioba Taghta a’ beachdachadh air buaidh a’ ghnìomhachais ’sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan

Taghta 11: Màl 14.09.2021

Tha Ailean Peutan a' beachdachadh air an deasbad timcheall chòraichean luchd-màl ann an Alba.

A' Cuimhneachadh 9/11 13.09.2021

Ailean MacLeòid, Calum MacLeòid, agus Anndra MacFhionghain a’ coimhead air ais air tachartasan agus dìleab ionnsaighean 9/11.

Taghta 10: Clas 24.08.2021

Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein a' còmhradh leis an sgrìobhadair is neach-iomairt Daibhidh Eyre mu chlas anns an Rioghachd Aonaichte agus na tha sin a' ciallachadh an-diugh.

Taghta 9: Ath-fhiadhachadh 10.08.2021

Sgioba Taghta a’ tilleadh is iad a’ beachdachadh air an deasbad timcheall ath-fhiadhachadh ann an Alba an-diugh.

Staing BCCI- Deasbad. 16.07.2021

Tha sgioba BBC Naidheachdan a' coimhead air ais air an t-Iuchair 1991 nuair a chaill Comhairle nan Eilean £24m ri linn sgainneal a' bhanca eadar-nàiseanta BCCI.

Listen to the Taghta podcast in Replaio

Radio and podcasts in one app - free, with no sign-up. Install today and do not miss the launch

Get it on Google Play

Replaio is not a podcast publisher; show names, artwork and audio belong to their authors and are distributed through public RSS feeds.