BBC Radio nan Gàidheal
Taghta
Sreath de phodcastan bho sgioba nan naidheachdan a’ toirt sgrìob tro na cuspairean as cudromaiche ‘sna naidheachdan an diugh. A series of podcasts from BBC Naidheachdan, looking at the most important topics in the news today.
Autor
BBC Radio nan Gàidheal
Kategorie
Podcast-Website
Neueste Folge
30. Apr 2026
Wo hören?
Podcasts in der App Replaio Radio Bald verfügbarPodcasts kommen bald in die App. Installiere sie jetzt und erlebe als Erster einen ganz neuen Blick auf Podcasts
Folgen
Mòdcast: Pàislig 27.10.2023 27:55
Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail air ais am Pàislig am-bliadhna, tha am Mòdcast againn air a bhith a' coimhead ri eachdraidh a' bhaile ann am beagan a bharrachd doimhneachd.
Mòdcast: Na buinn òir 19.10.2023 17:19
Bha am Mòd ann am Pàislig aon turas ron seo, air ais ann an 2013. Tha am Mòdcast air a bhith a' bruidhinn ris an fheadhainn a bhuannaich na buinn òir bho chionn deich bliadhna.
Mòdcast 2023: Am Mòd air ais am Pàislig 13.10.2023 8:42
Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Magaidh Choineagan, is am Mòd air ais am Pàislig.
Sabhal Mòr Ostaig agus Slèite 29.09.2023 23:39
Tha Seumas Dòmhnallach a' bruidhinn ri Donaidh MacFhionghain, Iain Tormod MacLeòid, agus Nicola NicThòmais mun bhuaidh a th' air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air Slèite
Stiùbhart MacRath Chonchra 22.09.2023 16:16
Còmhradh mu Stiùbhart MacRath Chonchra, ceann-cinnidh Gàidhealach a chluich ball-coise do Shasainn is an eachdraidh teaghlaich a dh'fhàg gun do thachair sin.
Turas Johnson agus Boswell air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan 28.08.2023 19:35
Còmhradh leis an Dtr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mu thuras Samuel Johnson is Seumas Boswell timcheall na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho chionn 250 bliadhna.
Stèidheachadh GMA 30.06.2023 11:05
Tha fiosrachadh a chaidh a lorg às ùr ag innse gu bheil cluba iomain Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal nas sine na bha iad fhèin a' smaointinn. Tha Taghta a' bruidhinn ri ceann-suidhe a' chluba, Aonghas MacAonghais.
Eilthireachd: SS Metagama 02.05.2023 30:39
100 bliadhna bho sheòl an SS Metagama à Steòrnabhagh, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.
Eilthireachd: SS Marloch 02.05.2023 23:04
100 bliadhna bho sheòl an SS Marloch à Loch Baghasdail, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.
MND 03.04.2023 16:07
Gheibh mu 200 duine ann an Alba dearbhadh gach bliadhna gu bheil iad a' fulang le tinneas Motor Neurone no MND. Tha Shona NicDhòmhnaill air a bhith a' còmhradh ri Chrissie Laing ann an Uibhist a thaobh mar a tha ise a' dèiligeadh leis an tinneas.
Reactaran Sgoil MhicNeacail 17.03.2023 16:42
Le Sgoil MhicNeacail a' comharrachadh gu bheil i 150 bliadhna a dh'aois, tha Dòmhnall Moireasdan air a bhith a' còmhradh ri Niall Bartlett mu chuid de reactaran ainmeil na sgoile.
Dìleab Shobhietach Estòinia 16.03.2023 15:07
Annabel Nic ‘Illinnein a' bruidhinn ri Anndra MacFhionghain a tha air a bhith ann an Estòinia airson Eòrpa is e a' coimhead ri mar a tha an Ruis is dìleab linn nan comannach fhathast a' toirt buaidh air an dùthaich.
Sequamur: Stèidheachadh Sgoil MhicNeacail 15.03.2023 27:51
150 bliadhna bho dh'fhosgail Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, tha Ruairidh MacÌomhair a' toirt sùil air sgeulachd nam bràithrean a stèidhich an sgoil.
Luchd-imrich Albàinia 09.03.2023 16:01
Annabel Nic ‘Illinnein a' còmhradh ri Andreas Wolff mu phrògram a rinn e airson Eòrpa mu Albàinianaich a tha air feuchainn ri slighe a dhèanamh a Bhreatainn gu mì-laghail air bàtaichean beaga.
Là Aillse na Cruinne 03.02.2023 18:17
Màiri Riddoch a' bruidhinn ris an Oll Kay NicLeòid bho Oilthigh Chicago is Là Aillse na Cruinne ann Disathairne.
Casg-breith sa Phòlainn 19.12.2022 14:07
Annabel Nic ‘Illinnein a' còmhradh ri Eilidh NicÌomhair air mar chaidh laghan air casg-breith a theannachadh sa Phòlainn, is i air tadhal air an dùthaich airson a' phrògraim Eòrpa.
'Chan eil e cho furasta a bhith òg’ 16.12.2022 12:41
Màiri Riddoch ann an còmhradh ri Kirsteen NicIlleChiar mu bhuaidh staing Covid-19 air cloinn is an taic a th' ann dhaibh.
Stòras Uibhist 06.12.2022 16:49
Shona NicDhòmhnaill ann an còmhradh ri Tormod MacAsgaill bho Stòras Uibhist mu na prìomhachasan is dùbhlain a tha ron bhuidhinn.
Flòraidh NicDhòmhnaill 26.10.2022 16:49
Bu chòir barrachd a dhèanamh den cheangal eadar Flòraidh NicDhòmhnaill, bana-ghaisgeach nan Seumasach, agus Uibhist. Sin a rèir fhir a tha càirdeach rithe is a tha air a bhith a' rannsachadh a beatha. Tha 300 bliadhna bho rugadh Flòraidh. Tha ceist air Tòmas MacDhòmhnaill ge-tà, mu dè cho faisg air an fhìrinn 's tha cuid de na tha sgrìobhte mu deidhinn. Bhruidhinn Shona NicDhòmhnaill ris.
Mòdcast: Dualchas Siorrachd Pheairt 21.10.2022 40:30
Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt, tha Taghta a' coimhead ri dualchas na Gàidhlig san sgìre mun cuairt.
Mòdcast 2022 14.10.2022 8:32
Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul, air thoiseach air Mòd Pheairt.
Turas Rìoghail 13.09.2022 11:42
An t-Urr. Iain Urchardan ag innse do Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu chothrom a bh' aige deireadh-seachdain a chur seachad còmhla ris a' Bhanrigh nach maireann is buill eile den Teaghlach Rìoghail aig Baile Mhorail bho chionn grunn bhliadhnaichean.
Cnoc Soilleir 06.09.2022 12:12
Bha clach-mhìle mhòr an Uibhist a Deas agus an an t-ionad culturail, Cnoc Soilleir, ga fhosgladh gu h-oifigeil. Tha Shona NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri cathraiche Cheòlais, Màiri NicAonghais, mun t-slighe fhada chun na h-ìre seo, is dè tha romhpa leis a’ phròiseict a-nise.
Iseabail Gowdie 01.09.2022 9:59
Magaidh NicFhionghain a' bruidhinn ri Màiri Kidd mu Iseabail Gowdie is taisbeanadh ùr mu beatha air fosgladh ann an Inbhir Narann, is còmhradh cuideachd mu bhoireannaich eile a chaidh a chur gu bàs fo chasaid gun robh iad nam bhana-bhuidsichean.
Slàinte Bhoireannach 05.08.2022 24:01
A' bhuaidh a tha dìth fiosrachaidh is tuigse air gnothaichean slàinte a' toirt air beatha mòran bhoireannach
Replaio ist kein Herausgeber von Podcasts; die Namen der Sendungen, Cover und Audioinhalte gehören ihren Autoren und werden über öffentliche RSS-Feeds verbreitet