BBC Radio nan Gàidheal

Òran Ùr

Music GD ↓ Epizody: 56

Blas den fharsaingeachd de dh'òrain ùra a chaidh a sgrìobhadh bho thoiseach na linne. Composers of modern Gaelic songs discuss their inspirations and creative process.

Určitě navštivte web podcastu a podpořte jeho tvůrce: www.bbc.co.uk

Autor

BBC Radio nan Gàidheal

Kategorie

Music

Web podcastu

www.bbc.co.uk

Nejnovější epizoda

16. úno 2026

Kde poslouchat?

Podcasty v aplikaci Replaio Radio Už brzy

Podcasty míří do aplikace už brzy. Nainstaluj si ji teď a jako první uvidíš úplně nový pohled na podcasty

Stáhnout z Google Play Nainstaluj zdarma Android téměř 10 mil. stažení · hodnocení 4,7+ iOS už brzy

Epizody

30. Cìobair an Lasair le Fiona J. NicChoinnich 15.09.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Fiona J. NicChoinnich ag innse dhuinn mun òran aice Cìobair an Lasair a tha a’ dèanamh luaidh air Magda Sagarzazu a bha iomadh bliadhna na tasglannaiche aig Taigh Chanaigh; b’ i seo dreuchd anns an robh Fiona fhèin eadar 2015 agus 2023 agus i a’ coimhead as d...

29. An t-Àite Dham Buin Sinn le Pàdruig Moireasdan 08.09.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Pàdruig Moireasdan à Uibhist a Tuath ag innse dhuinn mun fheallsanachd air cùl an òrain aige An t-Àite Dham Buin Sinn.

28. Cumha le Robaidh Anndra Macleòid 01.09.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Robaidh Anndra Macleòid a tha na sheinneadair agus na bhàrd ag innse dhuinn mun òran dhrùidhteach aige, Cumha.

27. Chan Eil le Evie Waddell 25.08.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Evie Waddell a tha na seinneadair, dannsair agus neach-ciùil ag innse dhuinn mun òran aice Chan Eil. Bidh Evie a’ cleachdadh BSL agus dannsa anns na h-òrain aice agus tha Chan Eil a’ nochdadh air EP lèirsinneach a thug i a-mach bho chionn ghoirid.

26. An Diugh Ghabh Mi Cuairt le Calum is Ruairidh Dòmhnallach 18.08.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Calum agus Ruairidh Dòmhnallach bhon chòmhlan Runrig a bhios ag innse dhuinn mun òran An Diugh Ghabh Mi Cuairt a nochd air a’ chlàr mu dheireadh a rinn iad, The Story.

25. Air Do Shocair A Mhòrag le Calum Alasdair Friseal 11.08.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo se Calum Alasdair Friseal à Leòdhas bhon chòmhlan Balach a tha ag innse dhuinn mun òran Air Do Shocair A Mhòrag, òran a tha a’ deiligeadh ri gnèitheachas agus droch-dhìol air-loidhne.

24. Seud Luachmhor le Màiri NicIllemhaoil 04.08.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Màiri NicIllemhaoil à Uibhist a Deas ag innse dhuinn mun òran aice, Seud Luachmhor, òran a tha a’ brosnachadh nan Gàidheal gus luach a chur air a' Ghàidhlig agus a bhith ga cleachdadh cho tric 's is urrainn.

23. Beartas Ghuthan le Iain MacIomhair 28.07.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Iain “Costello” MacIomhair à Leòdhas ag innse dhuinn mun òran aige Beartas Ghuthan – òran a tha a’ dèanamh luaidh air eilean agus muinntir na Hearadh, àite a tha gu math faisg air a’ chridhe.

22. Mise Fhuair le Màiri Anna NicUalraig agus Aonghas MacNeacail 21.07.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Màiri Anna NicUalraig ag innse dhuinn mun òran Mise Fhuair. Tha an t-òran seo stèidhichte air dàn a sgrìobh am bàrd cliùiteach, Aonghas MacNeacail, nach maireann agus anns a’ phrògram seo cluinnear beagan mun sgeulachd air a chùlaibh agus mun chom-pàirteachas...

21. Faisg air Glòir le Calum Martainn 14.07.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Calum Martainn à Leòdhas ag innse dhuinn mun òran aige Faisg air Glòir agus na cuimhneachan a tha e a’ dùsgadh dha.

20. Meadhan-oidhche le Gillebrìde MacIllemhaoil 07.07.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Gillebrìde MacIllemhaoil à Uibhist a Deas ag innse dhuinn mun òran aige Meadhan Oidhche agus a’ mìneachadh a’ cheangail a th’aige ri fèis Ceòlas.

19. Maraiche nan Cuantan le Flòraidh NicPhàil agus Aonghas MacPhàil 30.06.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh a' bhana-bhàrd Thiristeach, Flòraidh NicPhàil agus a mac Aonghas MacPhàil bhon chòmhlan Skipinnish ag innse dhuinn mun òran chiùiteach aca, Maraiche nan Cuantan.

18. Leanabh an Òir le Mairi Nicillemhoire 23.06.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh a' bhana-sheinneadair agus cleasaichte Mairi Nicillemhoire ag innse dhuinn mun òran tàlaidh aice Leanabh an Òir.

17. Duan an Fhògarraich le Gillebrìde MacIllemhaoil 16.06.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo ‘s e an seinneadair Gillebrìde MacIllemhaoil a tha ag innse dhuinn mun òran aige Duan an Fhògarraich, òran a tha a’ brosnachadh tuigse agus co-fhaireachdainn do dhaoine a thàinig dhar dùthaich ‘s iad a’ sireadh tèarmann.

16. Speactram le Marcas Mac an Tuairneir 09.06.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Marcas Mac an Tuairneir ag innse dhuinn mun òran aige Speactram a sgrìobh e mar fhreagairt do dh’ionnsaigh ghunna club-oidhche Pulse ann an Orlando ann an 2016 agus a tha a’ dèanamh luaidh air an 49 neach a chaill am beatha an oidhche ud.

15. Gun Dòchas le Raonaid Walker 02.06.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Raonaid Walker ag innse dhuinn mun òran-gaoil dhrùidhteach aice, Gun Dòchas.

14. Drochaid le Pàdraig MacAoidh & Pedro Camshron 26.05.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo 's e am bàrd Pàdraig MacAoidh à Leòdhas ach aig a bheil buntanas ris an Eilean Sgitheanach a tha a’ seanchas. Bidh esan ag innse dhuinn mun òran Drochaid a sgrìobh e còmhla ris a’ cheòladair Pedro Camshron a bhios a’ seinn fon ainm Man of the Minch.

13. Chì Mi Thu (Òran Eilidh) le Gillebrìde MacIlleMhaoil 19.05.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Gillebrìde MacIlleMhaoil ag innse dhuinn mun òran aige Chì Mi Thu (Òran Eilidh) a’ tha a’ dèanamh luaidh air Eilidh NicLeòid, à Barraigh a chaidh a mharbhadh ann an ionnsaigh cheannairc Arena Mhanchester.

12. Fad Is Beò Mi le Isla Scott 12.05.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Isla Scott, seinneadair òg às na Hearadh ag innse dhuinn mun òran aice Fad Is Beò Mi a tha a' deiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.

11. Fama Clamosa le Eilidh NicChoinnich 05.05.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh a' bhana-sheinneadair Eilidh NicChoinnich ag innse dhuinn mun òran aice, Fama Clamosa.

10. Eilean na h-Òige le Alasdair MacIllebhàin 28.04.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh an seinneadair agus sgoilear, Alasdair MacIllebhàin à Muile ag innse dhuinn mun òran aige, Eilean na h-Òige.

9. Gràs le Màiri NicAonghais 21.04.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh a' bhana-sheinneadair Màiri NicAonghais à Uibhist a Deas ag innse dhuinn mun òran spioradail aice, Gràs.

8. Gu Fada Dhan Iar le Màiri NicIllemhaoil 14.04.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh a' bhana-sheinneadair Màiri NicIllemhaoil à Uibhist a Deas ag innse dhuinn mun òran aice Gu Fada Dhan Iar anns a bheil i a' cuimhneachadh air an fheadhainn a chaidh a-null a Chanada air a' Mhetagama agus a' Mharloch nuair a sheòl iad à Steòrnabhagh agus Loch...

7. Na Fir-chlis le Brian Ó hEadhra 07.04.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Brian Ó hEadhra ag innse dhuinn mun òran aige, Na Fir-chlis.

6. Òran Brath Sa Bhuideal le Ingrid NicEanraig 31.03.2025

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Ingrid NicEanraig à sgìre Loch Abair ag innse dhuinn mun òran aice Brath Sa Bhuideal.

Poslouchej podcast Òran Ùr v Replaio

Rádio a podcasty v jedné aplikaci - zdarma a bez registrace. Nainstaluj si ji ještě dnes a nepropásni premiéru

Stáhnout z Google Play

Replaio není vydavatelem podcastů; názvy pořadů, obálky a audio patří jejich autorům a šíří se přes veřejné RSS kanály